zoe.jpg

Cò ris a bhios Gàidhealtachd na h-àm ri teachd coltach? Dè dleasdanas ur ginealaich?

Seo àite far an dèanamaid ceangal chruthachail eadarainn. Nach roinn sibh an seo; ur cuid eòlais, beachdan, brath bhlogaichean, pròiseactan agus goireasan airson pròiseactan eile a chruthachadh san àm ri teachd. Dèanamaid deasbad mu chleachdadh an fhearainn air a’ Ghàidhealtachd san latha an-diugh.

Tha sinn a’ creidsinn nach fhaigh sibh fuasgladh air Ceist an Fhearainn as aonais an t-sluagh. Is sinne a tha a’ roinn ar cuid eòlais agus a’ togail mothachaidh. Is sinne a tha ag obair gu cruthachail còmhla ri chèile, agus tha sin a’ cheart cho riatanach ri reachdas oifigeil na stàite ann an iomairt an fhearainn.

Cha dèan poileataigs ach dèiligeadh ris an t-suidheachadh mar a dh’ èireas e. Tha an neach-ealain gar cur an cèill: cò sinne agus dè dh’fhaodamaid a dhèanamh? Is sinne a tha cruthachadh cothrom na Fèinne dhuinn fhèin, ann an gach seadh, le bhith a’ tuigsinn gu bheil pàirt riatanach againn fhèin ann a bhith a’ stiùireadh an suidheachadh: tron chultar is tron dualchas.   

Tha sinn a' sùileachadh luchd-ealain, luchd-dealbhachaidh, luchd-sgrìobhaidh, luchd-togail-dealbh, luchd-chiùil, luchd-eachdraidh, èic-eòlaichean agus luchd foghluim a bhrosnachadh. Bheireamaid brosnachadh dha dhuine sam bith aig a bheil ùidh ann an iomairteachd chultarail chruthachail, agus dualchas na Gàidhealtachd san fharsaingeachd. Mar sin, fosglaidh sinn lìonra eadar-obrachail air feadh na Gàidhealtachd agus nas fhaide air falbh.

Gabhamaid sealbh air sgeulachdan ar tìre is ar n-àiteachan a-rithist. Cuiridh sinn slighe air dòigh dhuinn fhèin airson an àm ri teachd. Dè na sgeulachdan a ghabhas ceasnachadh? Dè na sgeulachdan a dh’ fheumas sinn ìnnse dha càch a chèile?

Ciamar a lasas sinn falaisgear de bheachdan dhan an ath ghinealach?

Chaidh sìol ùr a’ phròiseact seo a chur, mar thoradh air na còmhraidhean a dh’ èirich aig an tachart High LAND/FEARANN, sa choille choimhearsnachd ann an Obar Itheachan, mar phàirt den Iomall Ailtireachd san Òg-mhìos 2018.  

 

adam.jpg

What will the Highlands of the future look like? What is the role of our generation?

This is a web platform engaging creatively with contemporary land debates in the Scottish Highlands - a space to share knowledge, ideas, blogs, projects and resources.

We believe that the Land Question cannot be seen in isolation, but as part of a wider cultural movement. Consciousness raising, knowledge sharing, creativity and collaboration are as vital to the wider land movement as official state legislation. 

All politics on its own can do is react or cope with the current situation. Artists imagine new possibilities. They articulate and express who we are and who we could be. All of us enlarge possibility by understanding our role as citizen artists, as culture-makers.

We hope to inspire artists, designers, writers, photographers, musicians, historians, ecologists, educators and others interested in learning more about creative cultural activism and Highland culture, opening up networks for collaboration across the Highlands and beyond.

We must re-claim the stories of our places and look forward to the future. What stories do we need to challenge? What stories do we need to tell? 

How do we light the touch papers for generations to come?

The seeds for this project were planted during conversations in at the High LAND/FEARANN event held in community-owned Abriachan Forest, part of the part of the Architecture Fringe in June 2018.